Dhe na h-ealainean a tha riochdachadh
is a foillseachadh spiorad nan Gaidheal, tromh na linntean, bhiodh
e doirbh a dhol as aicheadh gur e bardachd a thug a chiad ghréis
dhan dualchas Ghaidhlig, agus a tha fhathast a gleidheadh a phriomh
aite ameasg ealainean araid nan Gaidheal. Mar shamhla air cho buan
sa tha an t-saothair, agus a saibhreas, faodaidh sinn suil aithghearr
a thoirt air siol Mhuireadhaich Albanaich O Dalaigh, a thainig anall
a dh'Alba as Eirinn mun cuairt air 1213.
Da chiad
bIiadhna an deidh sin, thug Lachlainn
Mor MacMhuirich "Brosnachadh-catha" do Chlann Domhnaill
mus do ghabh iad chun an fhaich air latha Cath Gairbheach, ann a
1411. Tri ciad bliadhna eile, b'e Domhnall, mac Lachlainn, mhic
Neill Mhor MhicMuirich, am bard mu dheireadh a fhuair oileanachadh
ann an Sgoil na Bardachd. Agus bha clann MhicMhuirich fhathast ri
bardachd trath anns an 20mh linn, ged nach b'ann ann an Ile, Uibhist,
no Dun Thuilm, ach air taobh Loch Bhlackett, ann an Ceap Breatainn,
an Alba Nuadh. 1
Ged nach
eil dain Lachlainn agus Iain MacMhuirich cho cruaidh-ealanta ri
bardachd nan sar-bhard o shean, chan eil a choltas orra gu bheil
na baird seo druidhte an an cianalas airson na seann duthcha: tha
gu leor dhe am muinntir fhein fhathast mun cuairt orra, 's docha,
agus tha e iomchaidh dhaibh a bhi mach air na tha a tachairt mun
cuairt orra, mar a chithear ann an Oran na Meinn' Chopair aig Lachlainn.
Chan eil moran Ghaidheil ann, aig a bheil uidh ann an orain, taobh
seach taobh dhen chuan mhor, nach bi eolach air Oran a Bhata, a
tha toiseachadh leis na faclan "Fo ghruaimean tha mis' an diugh..."
Cha robh sgial nas mo air cianalas airson na Seann Duthcha ann am
briathran Iain, nuair a sheinn esan "'S e sgireachd Loch Bhlackett
/ is tlachdmhoir fo'n ghrein." Ma ghluais a chanan, bha an
gradh-duthcha comasach air gluasad cuideachd, agus air friamhaichean
ura chur san tir eile.
A dh'aindeoin
fuadaichean, cogaidhean, is gach sgrios eile thainig air na Gaidheil
anns an 19mh linn, cha do sguir baird nan oran, chun an latha 'n
diugh, a bhi deanamh no a seinn an cuid dain. Ach, bha gluasadan
eile cuideachd a toirt buaidh air saoghal na Gaidhlig. Ged nach
tug Achd Foghlum na h-Albainn ann an 1872 aite idir dhan a Ghaidhlig,
dhearbh i gum faigheadh a h-uile h-eanchainn og ans an duthaich,
Gall agus Gaidheal, bochd no beairteach, foghlum gu ire air choireiginn.
Aona bhuaidh chudromach a bh'aige seo, b'e gun d'fhuair iomadh Gaidheal
og cothrom, nach robh aig an sinnsirean, air foghlam faighinn, a
thug iad chun an ire is airde. B'ann na b'fhaide air adhart anns
an linn a nochdadh torradh an leasachaidh seo gu follaiseach, nuair
a thug grantaichean cothrom do dh'oganach sam bith, aig an robh
na ceumanan-sgoile iomchaidh, a dhol suas gu oilthigh no colaisde
an roghainn.
Mar a
chaidh an linn air adhart, thigeadh barrachd is barrachd luchd-sgriobhaidh
gu barr aig an robh ceum oilthigh no colaisde. Ged nach robh lethid
de cheum aig, mar eisimpleir Alasdair
MacGilleMhicheil, a chruinnich is, bho am gu am, a leasaich,
a bhardachd a dh'fhoillsich e ann an Carmina
Gadelica, bha Domhnall MacIomhair, a thug An Ataireachd Ard
dhuinn, na mhaighstir-sgoile, mar a bha athar. Bha an
t-Urramach Coinneach MacLeoid cuideachd na mhac maighstir-sgoile,
agus chaidh e fhein a dh'Oilthigh Ghlaschu, ged nach do leig a shlainte
leis ceum a ghabhail: b'annanns an Eaglais a fhuair e a chiad cosnadh,
mar cheistear. B'ann sa chleir a chuir Niall Ros a bheatha seachad
cuideachd, an deidh ceum a ghabhail aig Oilthigh Dhun Eideann. (Air
an laimh eile, b'ann direach a dh'obair, aig foillsichear ann an
Glaschu a chaidh a choimh-aoiseach is a cho-Sgiathanach, Aonghas
Robasdan, nuair a dh'fhag e sgoil. Lean Seumas MacThomais (athair
Ruairidh) Domhnall MacIomhair mar cheann-sgoile ann am Pabal an
Rudha, far an robh Murchadh Moireach (MA as Obardheathain) na fhear-teagaisg
airson greiseag, air a rathad gu bhi na HMI airson Siorrachd Rois
is Chrombaidh. Fhuair an Uibhisteach Uisdean Laing foghlum ann an
OIlthigh Ghlaschu, agus cosnadh mar mhaighstir sgoile ann an Astrailia
as an do chuir e iomadh dan is sgialachd ghoirid anall dhan iris
Gairm.
Gu ire
bheag no mhor, tha buaidh an fhoghluim ri mhothachadh ann an sgriobhaidhean
nam bard seo, gu h-araid ann an Domhnall Rothach, ceumnaiche eile,
a chaidh a mharbhadh gle og anns a Chogadh Mhor. Bha saorsa rannaidheachd
ur a bha nochdadh ann am bardachd Beurla a latha fhein ri fhaicinn
anns a bheagan a dh'fhag esan, ach ma bha bard Sasunnach araid a
suaineadh tromh na Gaidheil eile, 's docha gum b'e Tennyson nan
sealladh mor, ged a bha na h-amasan mora bh'aig cuid dhiubh, airson
eachdraidh a Ghaidheil a chur an ceill, gan cur fo sgaile Sheumais
Mhic a Phearsoin, a chuir a dhreach fhein air saothair Oisein. Agus
fhathast, sheas an t-seann nos, mar phriomh sgriob dha na baird
a fhuair foghlum is dhan fheadhainn nach d'fhuair, is iad a deiligeadh
ri saoghal a bha ag atharrachadh gu buileach is gu grad, mu choinneamh
an suilean.
Ri tide,
cuideachd, thigeadh caochladh sheorsaichean bardachd eile gu barr,
agus rosg is drama ann an nosan ura, a ghabh buaidh, no fiu's cruth,
bho iomadh cearn dhen t-saoghal. Bi e iomchaidh beachdachadh air
mar a thainig na raointean litreachais a tha comharrachadh saoghal
Gaidhlig na 20mh linn gu bith.
Ged is
docha gur e bardachd a chumas lamh an uachdair, bho cheann gu ceann
dhen linn, tha fhios againn gu bheil nobhalan is sgialachdan goirid
ann an clo, agus deilbh chluich air an claradh, air an fiolmadh
no air an craoladh, a tha dearbhadh gu bheil talant aig Gaidheil
anns na raointean sin cuideachd, a dh'aindeoin 's nach robh moran
luaidh orra aig toiseach na linne.
Tha ceistean
ri'n cur, lethid; an robh aistearan na 19mh linn, no an fheadhain
a bha am barr a ghnothaich tromh'n chiad leth dhe linn seo ('s a
mhor chuid dhiubh crabhaidh) nam bun-steidh, ann an doigh sam bith,
dha na sgriobhadairean a lean? An robh na sgriobhadairean a thoisich
air deilbh-chluich a sgriobhadh an toiseach mothachail air nadur
dramadach nan seann sgial Gaidhlig, no am b'e na sgeidsichean a
chithear ann an tallaichean ciuil nam baile mor bu mhodha a bhrosnaich
iad? Co as a dh'eirich a bhardachd ur fhein?
Ged a
tha iomadh ceangal eadar gach raon air am bithear a toirt suil,
freagraidh e dha'r ceann-uidhe gu bheil a chuspair seo air a roinn,
is air a sgrudadh anns na raointean araid a leanas: (1) Bardachd
(agus Orain); (2) Rosg (eadar aistidh agus nobhal); (3) Drama (a
gabhail astaigh sgeulachdan aithris).
|